Monthly Archives: November 2012

The Highlands of Scotland in 1750

The Highlands of Scotland in 1750 by Bruce (presumed) and Andrew Lang (W. Blackwood & sons, 1898). From MS 104 in the King’s Library in the British Museum. Bruce, an official under Government, who, in 1749, was employed to Survey the forfeited and other estates in the Highlands (see the Clan Map [very large]). This Bruce also appears as a “Court Trusty,” or Secret Service man, who accompanies the spy, Pickle, to Scotland, in 1754.

Clan Map of Scotland

Clan Map

 

 

The Trial of Æneas Mac Donald, Banker to the Pretender at Paris

Æneas MacDonald, brother to Kinlochmoidart, the Paris Banker and one of the Seven Men of Moidart. Unfortunately, he was an unwilling participant in the rebellion and eventually “sold out” to the Duke of Newcastle on Oct. 26th, 1746. He did not die in the French Revolution, as many books report. The 1747 pamphlet The Trial of Æneas Mac Donald, Banker to the Pretender at Paris describes his trial on Thursday, December 10, 1747, at St. Margaret’s-Hill, Southwark, Surrey. A copy is at Armadale Castle.At Armadale Castle

Identification of a precious Jacobite manuscript

The Scotsman  30 Dec 2006

Comparison with Lockhart (The Lockhart Papers, Vol 2, pp 479-510)

English Summary: A CHANCE visit to a London gallery by Tim Roberton of the Moidart Local History Group has led to the identification of a precious Jacobite manuscript as the work of the leading Gaelic poet Alexander MacDonald (c. 1698-1770). An account of the ’45, written in English, it belongs to the Drambuie Collection, part of which is now on show at the National Portrait Gallery, Edinburgh.

THA i a’ toirt iomradh air an là a thàinig am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart gu tìr an Alba. Tha i a’ toirt sealladh pearsanta iongantach air ar-a-mach nan Seumasach suas gu Latha Chùil Lodair fhèin. Tha i nas prìseile ann an dòigh na obair-ealain sam bith bhon linn sin. Ach fad 190 bliadhna cha robh fios aig sgoilearan gun robh an làmh-sgrìobhainn luachmhor seo fhathast ann am bith, ged a chaidh i ‘na pàirt de Chruinneachadh Drambuie, a tha ri fhaicinn a-nis ann an taisbeanadh ann an Dùn Èideann.

Chaidh lethbhreac de leabhar-latha le “Oifigear Gaidhealach ann an arm a’ Phrionnsa” fhoillseachadh ann an 1817 anns na Lockhart Papers. Bha e on uair sin air aon de na prìomh theacsaichean do sgoilearan eachdraidh na h-ar-a-mach. Ge-tà, bha sgoilearan riamh air tòir na làmh-sgrìobhainn tùsail, agus an-uiridh leag dithis duine sùil air làmh-sgrìobhainn anns a’ chruinneachadh aig Drambuie, a bha ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh Fleming ann an Lunnainn, ‘s bha aon dhiubh an amharas gur e an aon leabhar-latha a nochd am measg phàipearan Lockhart. Tha Tim Roberton o Chomann Eachdraidh Mhùideirt a’ mìneachadh: “Bha mi fhèin ‘s mo bhean a’ tadhal air a’ Ghailearaidh. Chunna mi an leabhar-latha seo agus leum na faclan ‘Ceann Loch Mùideart’ a-mach ás an duilleig – tha taigh againn an-sin anns am bi sinn a’ fuireach bho àm gu àm.

“As dèidh dhomh faighneachd dhen duine a bha a’ coimhead as dèidh Cruinneachadh Drambuie, fhuair mi a-mach gun robh fear air an robh Stuart Kendall a’ faighneachd mun aon leabhar ‘s gun robh esan air dealbhan a thogail de gach duilleig dheth. Bhruidhinn sinn ri chèile agus dh’aontaich sinn gun toireadh muinntir a’ chomainn sùil air na duilleagan ‘s gun dèanamaid coimeas eadar an làmh-sgrìobhainn aig Drambuie agus an leabhar-latha mar a nochd e anns na Lockhart Papers.

“Fhuair sinn gun robh eadar-dhealachaidhean beaga an-siud ‘s an-seo, mar litreachadh, no rudan beaga a dhìth, ach gun robh ‘n dà sgrìobhainn cho coltach ri chèile ‘s gun robh sinn cha mhòr cinnteach gur e an làmh-sgrìobhainn tùsail de leabhar-latha Lockhart a bh’ ann.”

A rèir coltais cheannaich an companaidh Drambuie e ann an 1993 an uair a chaidh stuth bho Chaisteal Fingask a reic aig rup. Sann leis na Threiplands a tha an caisteal. Tha làrach-lìn a’ chomainn eachdraidh a’ mìneachadh: “Tha e air a chlàradh gun tàinig na Threiplands an toiseach gu Fingask aig deireadh na 16mh linn. Dà linn as dèidh sin, cheumnaich an Dotair Stuart Threipland bho Roinn Eòlas-Leighis Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1742. Chaill athair – Sir David Threipland – an oighreachd aige, Fingask, as dèidh na h-ar-a-mach ann an 1715 … agus mar sin cha b’e cùis iongnaidh a bh’ ann gun deach an Dotair Stuart Threipland ‘na chomhairliche-leighis dhan Phrionnsa ann an 1745. Bha e còmhla ris a’ Phrionnsa eadar Derby ‘s Cùil Lodair agus an uair sin chaidh e am falach mus do theich e dhan Fhraing.”

Bha ceangal làidir cuideachd aig na Lockharts, aig an robh na pàipearan, ri iomairt a’ Phrionnsa. Bha Seòras Lockhart ann an arm a’ Phrionnsa mar aide-de-camp, ‘s bha Anthony Aufrere, a dh’fhoillsich na Lockhart Papers, pòst’ aig boireannach aig an robh dlùth chàirdeas do Sheòras.

Tha sgoilearan air a bhith dhen bheachd air son iomadh bliadhna gur e am bàrd ainmeil Alastair mac Mhaighstir Alastair a sgrìobh na nochd sna Lockhart Papers. A rèir Raghnaill MhicilleDhuibh se làmh-sgrìobhainn air leth inntinneach agus prìseil a th’ ann. “Chan eil an teagamh as lugha agamsa nach e mac Mhgr Alastair a sgrìobh an leabhar tha seo. Tha luchd-eòlais mar Iain Latharna Caimbeul aonaichte mu dheidhinn sin o chuir Compton MacCoinnich a chorrag air a’ chùis ann an 1932. Bha fios againn bho na Lockhart Papers gun deach sgrìobhadair an leabhair ‘na fhear-teagaisg Gàidhlig dhan Phrionnsa ‘s bha seo coltach ris a’ bhàrd oir bha e ‘na mhaighstir-sgoile agus sgrìobh e an aon fhaclair Gàidhlig a bha ri fhaotainn aig an àm.

“Seo a-nis an dearbhadh cinnteach gur e am bàrd a sgrìobh e. Tha sinn eòlach air an làimh aige bho iomadh litir agus receipt ris na chuir e ainm, agus seo i! Chan e sin a-mhàin, ach anns an dara loidhne mu dheireadh den chiad duilleig chì sinn ‘my Brother’ ri taobh ‘Æneas Macdonald of Dalely’. Cha do nochd ‘my Brother’ sna Lockhart Papers oir chaidh a dhubhadh ás. Nist, cha robh aig Aonghas Beag, Fear Dhail Eilghe, ach dà bhràthair – Alastair am bàrd, agus Lachlann aig an robh taca Dhrèamasdail ann an Uibhist a-Deas. Tha sin a’ toirt na roghainn a-nuas gu dithist!

“Tha mi uabhasach toilichte mu dheidhinn na thachair oir anns na 70an thug mi greis a’ siubhal an leabhair seo ann an Oxford agus àiteachan eile. Bha mi air mo dhòchas a chall. A-nise gabhaidh eachdraidh beatha a’ bhàird a sgrìobhadh gu ceart.”

Tha ceist no dhà ri fhreagairt fhathast, a rèir Mhgr Roberton. Ciamar a fhuair na Threiplands greim air an làmh-sgrìobhainn? Dè cho fad ‘s a bha i aig na Lockharts a rinn lethbhreac dhith? Ciamar a fhuair iad an leabhar on ùghdar?

Tha dà rud cinnteach ge-tà. Tha leabhar-là cho cudromach ri làmh-sgrìobhainn sam bith o linn Bliadhna Theàrlaich air a bhith sa Chruinneachadh aig Drambuie gun fhiosd dhaib’ fhèin fad iomadh bliadhna – ‘s gu fortanach a-nis tha e aithnichte mar chunntas a sgrìobh Alastair Mac Mhaighstir Alastair.

Tha pàirt dhen chruinneachadh aig Drambuie ri fhaicinn ann an Gailearaidh Nàiseanta nan Dealbhan Daoine ann an Dùn Èideann. A rèir neach-labhairt on Ghailearaidh chan eil an làmh-sgrìobhainn am measg nan glainneachan fìnealta ‘s nan dealbhan grinn a tha iad a’ taisbeanadh an-dràsta, ach thuirt e gu robh iad an dòchas barrachd dhen chruinneachadh a shealltainn an uair a bhios crìoch air a cur air obair-leasachaidh a thèid a dhèanamh air a’ Ghailearaidh ann an ùine nach bi fada.

Ma sibh ag iarraidh an còrr fhaicinn agus barrachd a leughadh mu obair Chomann Eachdraidh Mùideart, thoiribh sùil air www.moidart.org.uk.